Faigh fios air CalMac
13/10/2014

Diluain aig a' Mhòd

A' Bhus aig CalMac 11:00m - 12:00f.

Tha a' Mhòd Nàiseanta Rioghail a' gabhail àite ann an Inbhir Nis am bliadhna, cathair-bhàile na Gàidhealtachd. 'Se farpaisean cloinne bu mhotha a bh'ann an-diugh le tòrr seinn le còisirean, drama agus bàrdachd. Chaidh a mhòr chuid den na farpaisean a chumail aig Eden Court le tòrr daoine mun cuairt agus toiseach toiseachadh sgoinneil airson a' Mhòd.

Bha a' bhus aig Calmac taobh a-muigh Eden Court sa mhadainn an-diugh agus ghabh sinn an cothrom bruidhinn ri cuid de na farpaisich... Bheir sùil air a bhideo againn gu h-ìosal airson fhaicinn de bh' aca ri ràdh mun turas aca #modjourney.

 

 

Duais Susan Paterson bho CalMac 15:00f - 15:30f

Feasgar an-diugh, bha sinn air leth toilichte Duais Susan Paterson a thoirt seachad do Choisir Bhun-sgoil Phort Ilein bho Ile, a ghabh pairt anns an co-fharpais coisir anns an Taigh-dealbh La Scala aig Eden Court. Tha sinn cinnteach gu bheil sibh ag aontachadh leinn gun do rinn iad uabhasach math agus gun robh an turas aca chun a' Mhod #modjourney bho Ile gu Inbhir Nis air a bhith soirbheachail. 'S math a rinn sibh!

 

 

Cuirm-failte CalMac 18:30f - 19:30f

'Se urram a bh' ann dhuinn a-nochd a bhith comhla ris na h-aoidhean againn bhon choimhearsnachd Gaidhlig aig cuirm-failte againn. 'Se Ar Daoine cuspair na h-oidhche nochd agus bi cuspairean eile againn aig na tri cuirmean-failte eile tron t-seachdain.

Ghabh sinn an cothrom bruidhinn ri cuid den h-aoidhean againn airson barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn an ceangal a bh' aca le CalMac thairis air na bliadhnachan. Seo blasad air na chaidh a radh.

 

Close Don't show again